Carson BlueGlobe International? A chionn ‘s gu bheil sinn pròiseil as ar n-obair agus is a’ gabhail cùram air ar toraidhean! Tha sinne am measg nan toisichean air a’ mhargaidh eadar-nàiseanta ann an seirbheisean cànain (eadar-theangachadh cainnt is cànan, breac-sgrìobhadaireachd, ionadailteachadh is msaa) agus mar sin, ‘s urrainn dhuinn seirbheisean eadar-nàiseanta a thairgsinn, a dà chuid do dhaoine fa leth is do ghnothachas. Nì sinn sgrùdadh air càileachd air iomadh dòigh agus aig gach ìre an eadar-theangachaidh gus dèanamh cinnteach gum faigh ar cliantan eadar-theangachadh a tha ceart o bhun gu barr. Tha e cudromach do BhlueGlobe gum bi sibh aig fois agus gum faigh sibh a’ chàileachd ris a bheil dùil gu cinnteach. - Na 100an de chànain mhòra (agus tuilleadh a dh’aithghearr!)
- Gach sònrachas
- Na rèitichean as farpaiseach
- Sàr sheirbheisean
- Cùram chustamairean as àirde
- An companaidh eadar-theangachaidh leis an fhàs as motha san t-saoghal
- Na 100an de sholaraichean seirbheisean cànain eòlach
- Ag obair mar sgioba on toiseach chun an deiridh
- Ri ur làimh 24 uairean san latha, 7 làithean san t-seachdain
Prògram dearbhadh càileachd ann an 10 ceumannan A’ leantainn ris a’ phrògram dearbhadh càileachd ceum air cheum. gheibhear a’ chàileachd as fhearr anns gach pròiseact eadar-theangachaidh Gàidhlig: - Thèid gach eadar-theangachadh Gàidhlig a sgrùdadh le manaidsear phròiseactan eòlach
- Thèid plana eadar-theangachaidh a dhèanamh leis a’ manaidsear phròiseactan
- Thèid am pròiseact eadar-theangachaidh a thoirt do dh’eadar-theangadair proifeiseanta
- Thèid stòr-dàta briathrachais a dhealbhadh airson a’ phròiseict gu sònraichte
- Thèid inneal CAT a phrògramachadh airson a’ phròiseict
- Thèid Gàidhlig a chur air a’ phròiseact
- Tha sgrùdadh na càileachd an sàs fad na h-ùine
- Thèid an t-eadar-theangachadh air fad a chur san chruth a chaidh iarraidh (DTP)
- Thèid an t-eadar-theangachadh air fad a cheartachadh a-rithist le cuideigin aig a bheil Gàidhlig on ghlùn
- Thèid sgrùdadh mu dheireadh a dhèanamh air leis an eadar-theangadair agus leis a’ mhanaidsear phròiseactan - Lìbhrigeadh dhan chliant
Leis an lìonra eadar-nàiseanta againn de shàr eadar-theangadairean proifeiseanta is sgileil, ‘s urrainn do BhlueGlobe dèiligeadh fiù ris na pròiseactan as motha agus le cinn-latha theann. Ge be dè paidhir nan cànan a dh’iarras sibh (Gàidhlig Beurla (US), Beurla (US) gu Gàidhlig) no paidhir sam bith eile (Fraingis (Chanadach) - Gearmailtis, Sìnis - Portagailis is msaa), tha barantas càileachd is grinneachd sa phròiseact eadar-theangachaidh agaibh le BlueGlobe International. Na rèitichean eadar-theangachaidh - Gàidhlig Tha buaidh air diofar rudan air na prìsean eadar-theangachaidh (dè cho sònraichte ‘s a tha teacs, na cinn-latha, meud a’ phròiseict, fòrmat na sgrìobhainne, is msaa). Ma tha sibh ag iarraidh ro-innse air luach, briogaibh air ‘Iarraibh ro-innse’ agus lìonaibh am foirm air loidhne. ‘S urrainn dhuibh na sgrìobhainnean a chur thugainn air a’ phost-dealain ann cuideachd, còmhla fiosrachadh riatanach sam bith eile a dh’fheumar gus an luach a ro-innse gun chosgaisean falaichte. Tha BlueGlobe International ri làimh ar cliantan 24 uairean san latha, 7 làithean san t-seachdain! Tha ar luchd-obrach càirdeil agus deas ri ur cuideachadh leis a’ phròiseact agaibh. An loidhne cànain: Beurla - Ruisis (a dh’aithghearr: Spainntis - Sìnis - Fraingis - Sèapanais) Ar deasg cuideachaidh phost-d (24/7) ri fhaighinn ann an: Beurla - Ruisis (a dh’aithghearr: Spainntis - Sìnis - Fraingis - Sèapanais) Prìobhaideachd 7 seirbheis Tha prìobhaideachd ar cliantan fìor chudromach do BhlueGlobe International. Faodaidh sibh a bhith cinnteach gun glèidhear a h-uile sgrìobhainn, pròiseact, post-d, litir, fiosrachadh is msaa fo riaghailtean prìobhaideachd teann. Tha e na amas dhuinn gum bi gach cliant co-fhurtail leinn agus gum bi earbsa aca anns na seirbheisean againn. ‘S urrainn dhuibh tadhal air an làrach-lìn againn agus ar poileasaidh prìobhaideachd a leughadh. Thèid innse dha na cliantan ann dè an seòrsa fiosrachaidh a tha sinn a’ cruinneachadh, mar a thèid a dhìon agus na roghainnean uile a tha aig cliantan a thaobh cleachdadh an fhiosrachaidh. Mholamaid dhuibh ar poileasaidh prìobhaideachd a luchdadh a-nuas gus am bi làn tuigse agaibh air ar dealas ri seirbheisean is prìobhaideachd. Agus tha sinn a’ cur fàilte air beachdan is com-pàirteachas uaibhse! Tha sinn a’ glèidheadh ìre àrd ionracais agus dealas gun a leithid do sheirbheis agus leis an-sin, tha BlueGlobe pròiseil as na cliantan againn a chuireas earbsa gu sònraichte sa chompanaidh againn airson nam pròiseactan aca agus an fhiosrachaidh phearsanta. ‘S iad sin, na cliantan a thig air ais dhuinn, a’ mhaoin as prìseil againn. Gàidhlig le Mìcheal Bauer |